Eaglais Ghàidhlig Chaluim Cille (na Ghàidhlig)

Closed 6 Apr 2022

Opened 16 Mar 2022

Feedback updated 30 Jun 2022

We asked

Dh’fhaighnich sinne

Eadar 16 A’ Mhàirt agus 6 An Giblean 2022 bha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) a’ sireadh bheachdan air a’ mholadh againn ìre clàraidh an togalaich seo atharrachadh bho B gu A agus eadar-theangachadh Gàidhlig a chur ris an t-seòladh clàraidh aige.

Air a togail ann an 1901-04,  ’s e eaglais paraiste fhollaiseach agus mòr-mhaisichte, air a dealbh le Uilleam Tennant agus Fred V Burke, a tha ann an Eaglais Ghàidhlig Chaluim Cille. Chaidh a togail airson coimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu a fhrithealadh. Tha ùidh shònraichte innte airson a beairteas de mhion-obair cloiche snaighte, taobh a-staigh a tha an ìre mhath slàn, a follaiseachd air aon de phrìomh shràidean Ghlaschu, agus airson a h-ùidh mar fhòcas airson adhradh anns a’ Ghàidhlig.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air ar  Heritage Portal.

You said

Thuirt sibhse

Fhuair sinn aon fhreagairt dhan cho-chomhairleachadh nach do thog gearan a thaobh an eaglais a chlàradh. Bha am freagairt aig Urrasairean Coitcheann Eaglais na h-Alba, mar shealbhadairean an togalaich, a’ toirt fainear gu robhas a’ dol a reic an togalaich agus nach robh co-dhùnadh ann fhathast a thaobh ciamar a bhiodh seirbheisean Gàidhlig air an tairgsinn ann an Glaschu no am biodh iad co-cheangailte ri aon thogalach. Chuir na h-Urrasairean cuideachd thugainn tomhais de cheartachaidhean a thaobh teacsa na h-aithisg. 

We did

Rinn Sinne

An dèidh meòrachadh air na beachdan a fhuair sinn tron cho-chomhairleachadh, tha sinn a-nise air an ìre clàraidh aig Eaglais Ghàidhlig Chaluim Cille / St Columba Gaelic Church atharrachadh gu Ìre A. Tha sinn cuideachd air seòladh a’ chlàraidh atharrachadh gu ainm Gàidhlig na h-Eaglaise a bhith na phàirt dheth agus cheartaich sinn dà mhearachd fhìrinneach anns an Aithisg Làimhseachaidh. 

Tha clàr nan togalaichean clàraichte ri fhaighinn air ar Heritage Portal  agus tha an Aithisg Làimhseachaidh dheireannaich cuideachd ri fhaighinn.

Tha ar n-àrainneachd eachdraidheil daonnan ag atharrachadh. Chan eil clàradh a’ cur bacadh air atharrachadh ach tha e a’ leigeil le caractar sònraichte structair a bhith air a ghabhail a-steach nuair a tha atharraichean san amharc.

Chan eil clàradh a’ ciallachadh gu feum Eaglais Ghàidhlig Chaluim Cille / St Columba Gaelic Church fuireach mar a tha i gu bràth no fiùs gu feum i a bhith na h-eaglais gu bràth – faodaidh mòran thogalaichean a bhith air an ath-chleachdadh airson feumannan eadar-dhealaichte.

Gheibh sibh an tuilleadh a-mach mu chlàradh san leabhran againn  Scotland’s Listed Buildings no air an làraich-lìn againn:

  • Ciamar a tha am pròiseas clàraidh ag obrachadh?
  • Dè tha ann an clàradh?
  • Dè tha clàradh a’ ciallachadh dha sealbhadairean?

Tha mion fhiosrachadh  a bharrachd mu phròiseasan Listed Building Consent (LBC) and Conservation Area Consent (CAC) air an làraich-lìn againn a bharrachd air fiosrachadh mu chuir a-steach air a shon.

Tha stiùireadh a bharrachd anns an t-sreath fhoillseachaidhean againn Managing Change .

Overview

Tar-shealladh

Tha Eaglais Ghàidhlig Chaluim Cille an-dràsta air a clàradh aig Ìre B airson togalaichean clàraichte.

Tha sinn an dùil:

  • an ìre atharrachadh gu Ìre A airson aithneachadh a thoirt don ailtireachd agus an ùidh eachdraidheil air leth aice mar eaglais sgeadaichte agus follaiseach a chaidh a thogail a dh’aon ghnothach dhan choimhearsnachd Ghàidhlig.
  • eadar-theangachadh Gàidhlig a chur ris an t-seòladh clàraichte aice.

 eaglais mòr dearg le speuran gorm air a chùlaibh

Tha sinn air an co-chomhairleachadh poblach seo a chur air dòigh airson beachdan a thional air na tha nar dùil a thaobh a’ chlàraidh aig an togalach chudromach seo. Tha sinn misneachail gu bheil ùidh speisealta aig an eaglais a thaobh ailtireachd agus eachdraidh agus ’s e ar beachd sa chiad dol a-mach gu bheil Ìre A iomchaidh. Faigh a-mach an tuilleadh mu thogalaichean clàraichte .

Tha buill den mhòr-shluagh air am misneachadh gus am beachdan a chur thugainn. Cuiribh ur beachdan mun chùis seo air post-d no cuiribh fios thugainn tron Phortal Dualchais.

Faighibh a-mach mu na beachdan air am meòraich sinn agus dè a thachras an uairsin nar n-iùil agus anns a’ bhidio gu h-ìseal.