Co-chomhairleachadh Thursachan Chalanais – Leasachadh bhuannachdan Coimhearsnachd, Eaconamach agus Glèidhteachais
Feedback updated 26 Nov 2025
We asked
Ghabh Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) co-chomhairleachadh os làimh thar 3 mìosan gus beachdan fhaotainn air a’ phrionnsapal a thaobh tàillean agus atharrachaidhean san amharc air an t-slighe a-steach gu Tursachan Chalanais ann an Eilean Leòdhais, a tha ann an Cùram Ministearan na h-Alba.
Bha an co-chomhairleachadh a’ cuimseachadh air atharrachaidhean san amharc a thaobh slighe a-steach agus tàillean aig Tursachan Chalanais le bhith ag obair a dh’ionnsaigh reiteachadh còmhla ri Urras nan Tursachan (UnT) air eòlas luchd-tadhail, gus raon nas leasaichte de bhuannachdan coimhearsnachd, eaconamach agus glèidhteachais a choileanadh.
Bha molaidhean a’ mìneachadh gum biodh airgead inntridh sam bith fo cho-rèiteachadh ùr air a roinn trì shlighean, le roinn a’ dol gu: UnT, a dh’ionnsaigh suidheachadh leasaichte luchd-tadhail aig ionad an luchd-tadhail; HES, a dh’ionnsaigh leasachaidhean is glèidhteachas leantainneach aig Tursachan Chalanais agus làraichean eile le HES ann an Innse Gall; cruthachadh Maoin Dualchais ùr, a bheireadh taic do phròiseactan dualchais fo stiùir na coimhearsnachd ionadail agus nas fharsainge ann an Innse Gall.
Ann an ullachadh don cho-chomhairleachadh seo, chaidh HES còmhla ri UnT gus dà sheisean co-chomhairleachaidh tadhail a chumail sa Chèitean 2024. Fhritheil còrr air 65 neach na seiseanan poblach ann an Leòdhas agus chuidich na beachdan a chuireadh air adhart aig na tachartasan sin le cuimse a’ cho-chomhairleachaidh fhiosrachadh. Thàinig mòran de na cuspairean sin am bàrr sna freagairtean anns an t-suirbhidh air-loidhne. Bha an co-chomhairleachadh a’ ruith airson 12 seachdainean air portal CitizenSpace, bho 8 Lùnastal 2024 gu 31 Dàmhair 2024, ann an Gàidhlig agus Beurla. Chaidh fhoillseachadh cuideachd ann an diofar mheadhanan, a’ gabhail a-steach brathan naidheachd, puist mheadhanan sòisealta, agus dà ùebinar. Chaidh fiosrachadh a roinn cuideachd le prìomh luchd-ùidhe.
Bha an co-chomhairleachadh air-loidhne a’ sireadh bheachdan air measgachadh de cheistean, a’ gabhail a-steach mar a tha daoine fa leth agus buidhnean ag eadar-obrachadh gu làithreach le cleachdadh air na Turschean, cùisean agus prìomhachasan làithreach do Thursachan Chalanais, agus na leasachaidhean is buannachdan a thigeadh bho na Tursachan san àm ri teachd, a thuilleadh air beachdan san fharsaingeachd mu na molaidhean agus mu na leasachaidhan aig HES ann an Innse Gall.
You said
Fhuaireadh iomlan de 425 freagairt dhan cho-chomhairleachadh a bha a’ còmhdach 46% den chòd puist ann an Innse Gall. Bha trì de na freagairtean ann an Gàidhlig agus an còrr ann am Beurla. Chuir aon bhuidheann deug a-steach freagairt, a’ gabhail a-steach ceithir ghnothachasan prìobhaideach, trì carthannasan, agus dà bhuidheann coimhearsnachd.
San fharsaingeachd, bha luchd-freagairt nas buailtiche tadhal air na Tursachan grunn tursan sa bhliadhna. Dh’aithris iad uile, ach 21 den luchd-freagairt, a bhith a’ tadhal air no air tadhal air làraichean eachdraidheil eile san sgìre. B’ e Dùn Chàrlabhaigh, Calanais 2 (Cnoc Ceann a’ Ghàrraidh) agus Taighean-dubha nan Geàrrannan bu mhotha air an robh iomradh. Bha luchd-freagairt nas coltaiche a ràdh gur e an t-adhbhar aca airson tadhal air na Tursachan gu bheil iad a’ còmhnaidh faisg air làimh, air a leantainn le ùidh phearsanta ann an eachdraidh Thursachan Chalanais. Bha tadhal mar phàirt de shaor-làithean no airson adhbharan creideamhach no spioradail, nan roghainnean bitheanta cuideachd.
Tha na leanas na gheàrr-iomradh air na prìomh chùisean a thog an luchd-freagairt:
Rèiteachaidhean a thaobh chìsean is inntrigeadh
Ge ’r bith a bhith taiceil san fharsaingeachd no neo-thaiceil do na molaidhean, thog luchd-freagairt na h-aon chùisean no dhraghan mu mhionaideachd nan rèiteachaidhean ùra co-cheangailte ri inntrigeadh, a dh’fhaodadh a bhith air an stèidheachadh. Nam measg bha:
- An-asgaidh do luchd-coimhearsnachd: B’ e a’ chùis a bu mhotha a chaidh a thogail, nan deigheadh cìsean a chur an gnìomh gum feumadh luchd-coimhearsnachd a bhith saor bho chìsean. Bha cuid dhiubhsan a bha a’ tabhann an taic, ga dhèanamh mar phàirt den chùmhnant nach biodh aig muinntir na coimhearsnachd ri pàigheadh airson tadhal air na Tursachan. A thaobh mar a dh’fhaodadh an cothrom an-asgaidh sin a bhith air ainmeachadh, b’ e luchd-còmhnaidh Eilean Leòdhais, air a leantainn le luchd-còmhnaidh Innse Gall agus an uair sin luchd-còmhnaidh Leòdhais agus na Hearadh, na sgìrean a bu thrice a chaidh a chomharrachadh.
- An-asgaidh do na h-uile: Bha feadhainn eile soilleir nach bu chòir cìsean sam bith a bhith air an cur an gnìomh. A-rithist, chaidh seo a thogail leothasan nach robh taiceil don mhodh-obrach a bhathar a’ moladh, ach cuideachd le feadhainn a thug seachad an taic.
- Ìre chosgaisean sam bith: B’ e puing eile a thogadh tric, nam biodh cìs air a cur an gnìomh gum feumadh sin a bhith stèidhichte aig ìre chiallach agus air prìs reusanta, ged nach robh luchd-freagairt buailteach air mòran a bharrachd fiosrachaidh a thoirt seachad.
- Uairean inntrigidh neo-chuibhrichte: B’ e cuspair eile a dh’èirich tric, gun robh daoine airson a bhith comasach faighinn a-steach chun nan Tursachan aig àm sam bith; bha seo uaireannan co-cheangailte ri roghainn a thaobh tadhal air Tursachan Chalanais aig amannan nas sàmhaiche, a’ gabhail a-steach tràth sa mhadainn agus anmoch air an fheasgar. Bha feadhainn eile a’ toirt iomradh air cudromachd spioradail no creideamhach co-cheangailte ri faighinn a-steach aig amannan sònraichte, a’ ciallachadh tron oidhche no aig Sabbat. A thaobh cuid den luchd-freagairt, bha draghan air an togail co-cheangailte ri riatanas sam bith a thaobh Tursachan Chalanais a bhith air an cuairteachadh le feansadh ùr.
Tursachan Chalanais san Àm ri Teachd
Thog luchd-freagairt air grunn chùisean a bha cudromach dhaibh a’ dol air adhart, a thaobh Tursachan Chalanais fhèin ach cuideachd buaidh luchd-tadhail air a’ choimhearsnachd ionadail.
- Atharrachadh faireachdainn na làraich: Co-cheangailte ri draghan mu dheidhinn chìsean agus cuibhreachadh air uairean inntrigidh, bha cùram air daoine gun cur na rèiteachaidhean a tha air am moladh an suidheachadh aig na Tursachan ann am miosad, agus gum bi nì a tha bunaiteach is fìor luachmhor air a chall mar thoradh air sin. Bha iomnaidh mhòr gum bi na molaidhean a' toradh ann an coimearsaltachd no dèiligeadh ris na Tursachan mar bhathar, agus gum faodadh nì cudromach mar chàirdeas dhaoine a thaobh nan Tursachan atharrachadh.
- Dèiligeadh ri buaidh turasachd: Bha uallach am follais cuideachd mu bhuaidh àireamhan àrda a tha a’ sìor mheudachadh de luchd-turais gu Tursachan Chalanais. Ged a bhathar aontaichte sa bheachd gu bheil e reusanta a bhith a’ sùileachadh gum bi luchd-turais a tha a’ tadhal air an làraich, a’ cur ri cumail-suas na làraich ann an dòigh air choreigin, bha diofar bheachdan mun dòigh a b’ fheàrr air an gabhadh seo a choileanadh. B’ e aon bheachd soilleir gur dòcha gum bu chòir cuimseachadh air na tursan coimearsalta bu mhotha a bhios a’ tarraing àireamhan àrda de luchd-tadhail chun na làraich aig an aon àm; bha iomradh sònraichte air busaichean thursan is companaidhean agus air tursan co-cheangailte ri cuairtean-mara.
- Glèidhteachas / cùmhnadh: Ged a thuirt àireamh bheag de luchd-freagairt gu bheil iad den bheachd nach eil atharrachaidhean / ceumannan sam bith a dhìth, bha càch a’ faicinn tomhasan glèidhteachais mar bheachd cudromach a’ dol air adhart. Bha molaidhean sònraichte buailteach a bhith co-cheangailte ri stad a chur air comas luchd-tadhail air damaist a dhèanamh air na Tursachan, agus dèanamh cinnteach à cùram do na frith-rathaidean chun na làraich agus air an làraich fhèin. Thug cuid de luchd-freagairt fa-near gu sònraichte gum bi e cudromach na goireasan riatanach fhaotainn gus tomhasan cùmhnaidh / glèidhteachais sam bith air a bheil feum a chur an gnìomh agus dèanamh cinnteach à cumail-suas coitcheann na làraich agus na h-àrainneachd mun cuairt. Do chuid, b’ e adhbhar a bha seo airson aontachadh gum faod cosgais (de sheòrsa air choreigin) a bhith reusanta no riatanach, uaireannan le rabhadh gum feum suimean airgid sam bith a bhith air an cosg air an làraich.
We did
Tha sinn taingeil do neach sam bith airson an cuid ùine agus am beachdan feumail don cho-chomhairleachadh againn. A’ leantainn air adhart bhon cho-chomhairleachadh, chaidh cùis airson atharrachadh molaidh a thaobh chìsean aig Tursachan Chalanais, aontachadh le Riaghaltas na h-Alba. Chuidich an ais-fhiosrachadh bhon cho-chomhairleachadh mu inntrigeadh, cìsean, agus glèidhteachas, le molaidhean a chumadh a thaobh rèiteachaidhean aig na Tursachan san àm ri teachd. Is e seo mìneachadh air mar a dh’fhiosraich sin ar molaidhean:
Rèiteachaidhean chìsean is inntrigidh: Tha sinn ag obair gu dlùth le UnT gus aonta obrachaidh a thaobh frèam-obrach amalaichte luchd-tadhail a leasachadh, a tha a’ co-chothromachadh inntrigeadh, glèidhteachas agus buannachd don choimhearsnachd. Leanaidh HES air adhart le stiùireadh, glèidheadh agus cùram do Thursachan Chalanais, agus bidh UnT a’ ruith Ionad leasaichte an Luchd-tadhail. Tha am modh-obrach seo ag amas air fàs ann an àireamhan luchd-tadhail aig an làraich às aonais luchd-obrach a stiùireadh, agus cuideachadh le dèiligeadh ri cosgaisean glèidhteachais a tha a’ sìor fhàs, a thuilleadh air buaidhean meudaichte aig atharrachadh gnàth-shìde air na Tursachan.
Le bhith a’ cur cìs inntridh an gnìomh agus ag àrdachadh eòlas nas fharsainge luchd-tadhail air a’ bhun-structar co-cheangailte, is urrainn dhuinn iarrtas luchd-tadhail a stiùireadh nas fheàrr agus teachd-a-steach fad-amail seasmhach a ghinteadh gus an làrach a ghlèidheadh agus an suidheachadh a neartachadh do na ginealaichean ri teachd. Cuiridh cuibhreann den teachd-a-steach ri Maoin Dualchais a bhios na buannachd don àrainneachd eachdraidheil agus cothroman cosnaidh is eaconamach a chruthachadh do choimhearsnachdan air feadh Innse Gall.
Bidh am frèam-obrach a’ dèanamh cinnteach à inntrigeadh an-asgaidh do luchd-còmhnaidh ionadail agus modh-obrach mu choinneamh inntrigeadh taobh a-muigh uairean àbhaisteach. Tha sinn ag obair gu dlùth le UnT gus am modh-obrach seo a dhèanamh comasach agus thèid barrachd mion-fhiosrachaidh fhoillseachadh an ceann sreath.
Atharrachadh suidheachadh na làraich: Nì am frèam-obrach cinnteach à inntrigeadh an-asgaidh do luchd-còmhnaidh ionadail agus inntrigeadh leantainneach dhaibhsan le ceangal spioradail no cràbhach don làraich. Tha sinn dealasach a thaobh pròiseas a stèidheachadh a chuireas taic ri buidhnean agus daoine fa leth a tha airson tadhal air na Tursachan às leth adhbharan cultarach no spioradail. Leanaidh sinn ag ath-sgrùdadh bhuidhnean ris am buineadh seo.
Dèiligeadh ri buaidh turasachd: Bheir turasachd àrd-dian (gu h-àraid tro fhosgladh air a’ phort dhomhainn) buaidh air mòran chulaidhean-tàlaidh gu h-ionadail agus tha sin air a bheachdachadh gu cùramach san leasachadh air a’ mhodh-obrach againn. Cuidichidh teachd-a-steach air a ghinteadh bhon làraich le dèiligeadh ri àireamhan luchd-tadhail agus cuideaman air an làraich, a thuilleadh air luchd-tadhail a tharraing gu culaidhean-tàlaidh eile. Tha am modh-obrach againn ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil buannachdan bho theachd-a-steach air am faireachdainn nas fharsainge air feadh an eilein agus an còrr de Innse Gall, gu h-àraid tron Mhaoin Dualchais.
Glèidhteachas / cùmhnadh: Cuidichidh cìsean le taic do ghlèidhteachas aig an làraich. Tha sinn a’ planadh air frith-rathaidean a thoirt a-steach às ùr gus cuideachadh le buaidh cheumannan luchd-tadhail a lasachadh, inntrigeadh do chiorramaich a leasachadh agus eòlas iomlan luchd-tadhail àrdachadh tro thaic bho goireas raonair.
Overview
Tha an co-chomhairleachadh seo le Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) mu atharrachaidhean san amharc air rèiteachaidhean inntrigidh is pàighidh aig Tursachan Chalanais. Tha sinn ag obair gus eòlas amalaichte ùr luchd-tadhail a lìbhrigeadh aig an làraich, ann an co-obrachadh leis an urras air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd, Urras nan Tursachan (UnT), a tha gu neo-eisimeileach a’ stiùireadh agus ag obrachadh agus aig a bheil sealbh air Ionad Luchd-tadhail Thursachan Chalanais.
Tha amas leantaileach air a bhith aig a’ choimhearsnachd agus na buidhnean ionadail, a thaobh goireasan a leasachadh gus dèiligeadh ris na h-àireamhan de luchd-tadhail a tha a’ sìor fhàs, agus dèanamh cinnteach à cothromachd nan Tursachan tro adhartachadh seasmhach ann an turasachd dualchais, agus buannachdan nas motha fhaotainn bho thurasachd gus taic a chur ris a’ choimhearsnachd ionadail. Tha an co-chomhairleachadh a’ cuimseachadh air atharrachaidhean san amharc a thaobh inntrigeadh agus pàigheadh aig Tursachan Chalanais, gus taic a chur ris na h-amasan sin le bhith ag obair a dh’ionnsaigh co-rèiteachadh eòlas luch-tadhail le UnT. Chan eil an co-chomhairleachadh a’ cuimseachadh air an ath-leasachadh air an ionad a tha air a ghabhail os làimh le UnT, a tha air cead planaidh fhaotainn mar-thà agus a tha fo leasachadh gu làithreach.
Cò Sinn?
Is e HES am buidheann poblach neo-roinneil le inbhe carthannais a tha fo òrdugh Mhinistearan na h-Alba stiùireadh agus cùram a thoirt do Thogalaichean ann an Cùram na h-Alba (PICs). Tha sinn cunntachail airson cùram, glèidheadh agus càradh air na 336 togalaichean de chudromachd nàiseanta air feadh Alba. Am measg thogalaichean is charraighean-cuimhne nar cùram, tha Caisteal Dhùn Èideann, Skara Brae, Tursachan Chalanais agus Gearastan Deòrsa, a tha còmhla a’ tarraing còrr air 5 millean neach-tadhail gach bliadhna. Còmhla, tha na togalaichean sin a’ riochdachadh barrachd air 5,000 bliadhna de dh’eachdraidh na h-Alba.
Is e carthannas neo-eisimeileach neo-phrothaid a th’ ann an UnT, a tha a’ stiùireadh an Ionaid Luchd-tadhail aig Tursachan Chalanais. Bidh UnT a’ cleachdadh an goireasan gus coimhearsnachdan ionadail a chuideachadh, taic a chur ri rannsachadh air dualchas arc-eòlach Innse Gall, agus luach an dualchais seo adhartachadh gus diofar deimhinneach a dhèanamh air beatha dhaoine Innse Gall.
Why your views matter
Ur beachdan a’ cunntadh?
Feumaidh àm teachdail ùr seasmhach do Thursachan Chalanais àrd-mhiannan na coimhearsnachd is gnothachais a nochdadh. Mar sin, tha sinn a’ sireadh ur beachdan air:
- mar a tha thu gu làithreach ag eadar-obrachadh/a’ cleachdadh an togalaich agus carson a tha thu ga chleachdadh
- do bheachd air na cùisean làithreach ann agus mu thimcheall an togalaich
- na prìomhachasan a bu chòir a bhith co-cheangailte ris an togalach
- far am bu thoigh leat leasachaidhean is gnìomh fhaicinn
- na buannachdan, eadar HES agus UnT ag obair còmhla, bu chòir a thoirt gu beatha dhaoine
- beachdan san fharsaingeachd mu na molaidhean agus buaidhean san amharc
- mar a chì thu obair Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an Innse Gall a’ leasachadh
Tha an co-chomhairleachadh seo a' tachairt leis gu bheil sinn airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig luchd-ùidhe air fad ais-mholadh a thoirt. Thèid aca air cuir ris na planaichean a th' aig HES airson atharrachaidhean aig an làraich, agus cuideachd cuir ris agus cumadh na h-amasan a th' againn ann an Innse Gall.
What happens next
Chan eil na tha sinn a’ moladh a dhèanamh aig Tursachan Chalanais air a choileanadh aig ar togalaichean eile air feadh Alba, agus tha sinn ag ionnsachadh fad na tìde fhad ’s a tha sinn ag atharrachadh agus a’ freagarachadh do chùisean. Mar sin, tha an t-suirbhidh seo deatamach dhuinn airson ur prìomhachasan is beachdan a thuigsinn. Bidh an t-suirbhidh a’ fiosrachadh agus a’ cumadh mar a bhios sinn ag obrachadh a’ dol air adhart. Bidh an t-suirbhidh a’ ruith airson 3 mìosan, agus an dèidh sin thèid na toraidhean a mhion-sgrùdadh agus fhoillseachadh. Bidh ùine a dhìth an dèidh an latha dheireannaich airson nan toraidhean a mhion-sgrùdadh mus gabh iad am foillseachadh.
Share
Share on Twitter Share on Facebook