Co-chomhairleachadh Thursachan Chalanais – Leasachadh bhuannachdan Coimhearsnachd, Eaconamach agus Glèidhteachais

Closed 31 Oct 2024

Opened 8 Aug 2024

Feedback updated 27 May 2025

We asked

Ghabh Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) co-chomhairleachadh os làimh thar 3 mìosan gus beachdan fhaotainn air a’ phrionnsapal a thaobh tàillean agus atharrachaidhean san amharc air an t-slighe a-steach gu Tursachan Chalanais ann an Eilean Leòdhais, a tha ann an Cùram Ministearan na h-Alba.

Bha an co-chomhairleachadh a’ cuimseachadh air atharrachaidhean san amharc a thaobh slighe a-steach agus tàillean aig Tursachan Chalanais le bhith ag obair a dh’ionnsaigh reiteachadh còmhla ri Urras nan Tursachan (UnT) air eòlas luchd-tadhail, gus raon nas leasaichte de bhuannachdan coimhearsnachd, eaconamach agus glèidhteachais a choileanadh.

Bha molaidhean a’ mìneachadh gum biodh airgead inntridh sam bith fo cho-rèiteachadh ùr air a roinn trì shlighean, le roinn a’ dol gu: UnT, a dh’ionnsaigh suidheachadh leasaichte luchd-tadhail aig ionad an luchd-tadhail; HES, a dh’ionnsaigh leasachaidhean is glèidhteachas leantainneach aig Tursachan Chalanais agus làraichean eile le HES ann an Innse Gall; cruthachadh Maoin Dualchais ùr, a bheireadh taic do phròiseactan dualchais fo stiùir na coimhearsnachd ionadail agus nas fharsainge ann an Innse Gall.   

Ann an ullachadh don cho-chomhairleachadh seo, chaidh HES còmhla ri UnT gus dà sheisean co-chomhairleachaidh tadhail a chumail sa Chèitean 2024. Fhritheil còrr air 65 neach na seiseanan poblach ann an Leòdhas agus chuidich na beachdan a chuireadh air adhart aig na tachartasan sin le cuimse a’ cho-chomhairleachaidh fhiosrachadh. Thàinig mòran de na cuspairean sin am bàrr sna freagairtean anns an t-suirbhidh air-loidhne. Bha an co-chomhairleachadh a’ ruith airson 12 seachdainean air portal CitizenSpace, bho 8 Lùnastal 2024 gu 31 Dàmhair 2024, ann an Gàidhlig agus Beurla. Chaidh fhoillseachadh cuideachd ann an diofar mheadhanan, a’ gabhail a-steach brathan naidheachd, puist mheadhanan sòisealta, agus dà ùebinar. Chaidh fiosrachadh a roinn cuideachd le prìomh luchd-ùidhe.  

Bha an co-chomhairleachadh air-loidhne a’ sireadh bheachdan air measgachadh de cheistean, a’ gabhail a-steach mar a tha daoine fa leth agus buidhnean ag eadar-obrachadh gu làithreach le cleachdadh air na Turschean, cùisean agus prìomhachasan làithreach do Thursachan Chalanais, agus na leasachaidhean is buannachdan a thigeadh bho na Tursachan san àm ri teachd, a thuilleadh air beachdan san fharsaingeachd mu na molaidhean agus mu na leasachaidhan aig HES ann an Innse Gall.

You said

Fhuaireadh 425 freagairtean don cho-chomhairleachadh uile gu lèir le 46% dhiubh aig an robh còd-puist ann an Innse Gall. Bha trì de na freagairtean ann an Gàidhlig agus an còrr ann am Beurla. Chuir aon bhuidheann deug a-steach freagairt, a’ gabhail a-steach ceithir ghnothachasan prìobhaideach, trì carthannasan, agus dà bhudheann coimhearsnachd.  

San fharsaingeachd, bha luchd-freagairt buailteach tadhal air na Tursachan grunn tursan sa bhliadhna. Dh’aithris iad uile ach 21 neach-freagairt, gun robh iad a’ tadhal no an dèidh tadhal air làraichean eachdraidheil eile san sgìre. Bha iomradh na bu thrice air Dùn Chàrlabhaigh, Calanais 2 (Cnoc Ceann a’ Ghàrraidh) agus Taighean-dubha nan Geàrannan. Bha luchd-freagairt nas buailtiche a ràdh gur e an t-adhbhar airson tadhal air na Tursachan, gun robh iad a’ còmhnaidh sa choimhearsnachd, air a leantainn le ùidh phearsanta ann an eachdraidh nan Tursachan. Bha tadhal mar phàirt de shaor-làithean no airson adhbharan creideamhach no spioradail nan roghainnean air an taghadh tric cuideachd.

B’ e slighe a-steach gu na Tursachan, modhan tàille agus glèidhteachas nan Tursachan, na prìomh raointean a chaidh a chomharrachadh gus am moladh fhiosrachadh.

Rèiteachaidhean pàighidh agus inntridh

Ge ’r bith an robhar taiceil no mì-thaiceil do na molaidhean, thog luchd-freagairt cùisean ceudna no draghan mu mhionaideachd rèiteachaidhean inntridh sam bith a dh’fhaodadh a chur an àite. Bha iad sin a’ gabhail a-steach bheachdan mu inntreadh an-asgaidh do luchd na coimhearsnachd ionadail, inntreadh a-mach à uairean agus air cinn-latha sònraichte, an ìre de thàille airson inntreadh agus molaidhean eile a thaobh rèiteachaidhean.

Glèidhteachas nan Tursachan

Thog luchd-freagairt cuideachd air grunn chùisean a bha cudromach dhaibh, a thaobh nan Tursachan fhèin agus a’ bhuaidh a bh’ aig àireamhan an luchd-tadhail air a’ choimhearsnachd ionadail. Bha draghan ann mu atharrachadh àile san amharc aig na Tursachan, meudachadh coimearsalta air an làraich agus buaidh turasachd, gu sònraichte a thaobh mar a tha buidhnean luchd-turais gan stiùireadh. Chaidh gabhail ris an seo mar adhbhar airson pàigheadh a-steach no leasachadh air stiùireadh luchd-turais.

Thuirt àireamh bheag de luchd-freagairt nach robh iad a’ smaoineachadh gu bheil atharrachaidhean/tomhaisean sam bith riatanach agus chunnaic feadhainn eile ceumannan glèidhteachais mar phuing chudromach san àm ri teachd. Bha molaidhean sònraichte buailteach a bhith mu dheidhinn stad a chur air luchd-tadhail bho dhamaist air na Tursachan agus dèanamh cinnteach à cumail suas air frith-rathaidean gu agus air an làraich.

Dh’aithris cuid den luchd-fhreagairt gu sònraichte gum bi e cudromach na goireasan riatanach fhaotainn airson an obair glèidhteachais a choileanadh agus dèanamh cinnteach à cumail suas coitcheann air na Tursachan agus air an làraich mun cuairt orra. Do chuid, b’ e seo an t-adhbhar airson aontachadh gum faod tàillean (de sheòrsa air choreigin) a bhith reusanta no riatanach, agus bha seo uaireannan nan rabhaidhean gum feum airgead sam bith a bhith air a chosg air an làraich.

We did

Tha sinn taingeil do gach neach airson an cuid ùine agus am beachdan is freagairtean do ar co-chomhairleachadh. Cuidichidh an ais-fhiosrachadh a thugadh seachad mu inntreadh, tàille, agus glèidhteachas, le molaidhean airson rèiteachaidhean don àm ri teachd aig Tursachan Chalanais, a chumadh.

Tha sinn a’ gabhail ris na draghan mu thimcheall glèidhteachas nan Tursachan, agus bidh ar modh-obrach a’ coimhead ri stiùireadh agus feumalachdan glèidhteachais a chothromachadh gu cùramach, le buannachd coimhearsnachd, riatanasan inntridh diofraichte, agus àrdachadh air riochd nan Tursachan mar chulaidh-tàlaidh ann an Innse Gall.

Fiosraichidh an ais-fhiosrachadh bhon cho-chomhairleachadh na molaidhean a thaobh stiùireadh na làraich, agus obraichidh sinn còmhla ri Ministearan na h-Alba agus UnT gus tighinn gu co-dhùnaidhean a thaobh prìonnsapal pàighidh agus atharrachaidhean san amharc air an t-slighe a-steach aig Tursachan Chalanais. Leanaidh sinn air adhart a’ fiosrachadh luchd-ùidhe mun adhartas agus slighe nam molaidhean sin nuair a tha ùr-fhiosrachadh ri roinn.

Overview

Tha an co-chomhairleachadh seo le Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES) mu atharrachaidhean san amharc air rèiteachaidhean inntrigidh is pàighidh aig Tursachan Chalanais. Tha sinn ag obair gus eòlas amalaichte ùr luchd-tadhail a lìbhrigeadh aig an làraich, ann an co-obrachadh leis an urras air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd, Urras nan Tursachan (UnT), a tha gu neo-eisimeileach a’ stiùireadh agus ag obrachadh agus aig a bheil sealbh air Ionad Luchd-tadhail Thursachan Chalanais.  

Tha amas leantaileach air a bhith aig a’ choimhearsnachd agus na buidhnean ionadail, a thaobh goireasan a leasachadh gus dèiligeadh ris na h-àireamhan de luchd-tadhail a tha a’ sìor fhàs, agus dèanamh cinnteach à cothromachd nan Tursachan tro adhartachadh seasmhach ann an turasachd dualchais, agus buannachdan nas motha fhaotainn bho thurasachd gus taic a chur ris a’ choimhearsnachd ionadail. Tha an co-chomhairleachadh a’ cuimseachadh air atharrachaidhean san amharc a thaobh inntrigeadh agus pàigheadh aig Tursachan Chalanais, gus taic a chur ris na h-amasan sin le bhith ag obair a dh’ionnsaigh co-rèiteachadh eòlas luch-tadhail le UnT.  Chan eil an co-chomhairleachadh a’ cuimseachadh air an ath-leasachadh air an ionad a tha air a ghabhail os làimh le UnT, a tha air cead planaidh fhaotainn mar-thà agus a tha fo leasachadh gu làithreach. 

Cò Sinn?

Is e HES am buidheann poblach neo-roinneil le inbhe carthannais a tha fo òrdugh Mhinistearan na h-Alba stiùireadh agus cùram a thoirt do Thogalaichean ann an Cùram na h-Alba (PICs). Tha sinn cunntachail airson cùram, glèidheadh agus càradh air na 336 togalaichean de chudromachd nàiseanta air feadh Alba. Am measg thogalaichean is charraighean-cuimhne nar cùram, tha Caisteal Dhùn Èideann, Skara Brae, Tursachan Chalanais agus Gearastan Deòrsa, a tha còmhla a’ tarraing còrr air 5 millean neach-tadhail gach bliadhna. Còmhla, tha na togalaichean sin a’ riochdachadh barrachd air 5,000 bliadhna de dh’eachdraidh na h-Alba. 

Is e carthannas neo-eisimeileach neo-phrothaid a th’ ann an UnT, a tha a’ stiùireadh an Ionaid Luchd-tadhail aig Tursachan Chalanais. Bidh UnT a’ cleachdadh an goireasan gus coimhearsnachdan ionadail a chuideachadh, taic a chur ri rannsachadh air dualchas arc-eòlach Innse Gall, agus luach an dualchais seo adhartachadh gus diofar deimhinneach a dhèanamh air beatha dhaoine Innse Gall.  

Why your views matter

Ur beachdan a’ cunntadh?

Feumaidh àm teachdail ùr seasmhach do Thursachan Chalanais àrd-mhiannan na coimhearsnachd is gnothachais a nochdadh. Mar sin, tha sinn a’ sireadh ur beachdan air:

  • mar a tha thu gu làithreach ag eadar-obrachadh/a’ cleachdadh an togalaich agus carson a tha thu ga chleachdadh
  • do bheachd air na cùisean làithreach ann agus mu thimcheall an togalaich
  • na prìomhachasan a bu chòir a bhith co-cheangailte ris an togalach
  • far am bu thoigh leat leasachaidhean is gnìomh fhaicinn
  • na buannachdan, eadar HES agus UnT ag obair còmhla, bu chòir a thoirt gu beatha dhaoine
  • beachdan san fharsaingeachd mu na molaidhean agus buaidhean san amharc
  • mar a chì thu obair Àrainneachd Eachdraidheil Alba ann an Innse Gall a’ leasachadh

Tha an co-chomhairleachadh seo a' tachairt leis gu bheil sinn airson dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig luchd-ùidhe air fad ais-mholadh a thoirt. Thèid aca air cuir ris na planaichean a th' aig HES airson atharrachaidhean aig an làraich, agus cuideachd cuir ris agus cumadh na h-amasan a th' againn ann an Innse Gall.

What happens next

Chan eil na tha sinn a’ moladh a dhèanamh aig Tursachan Chalanais air a choileanadh aig ar togalaichean eile air feadh Alba, agus tha sinn ag ionnsachadh fad na tìde fhad ’s a tha sinn ag atharrachadh agus a’ freagarachadh do chùisean. Mar sin, tha an t-suirbhidh seo deatamach dhuinn airson ur prìomhachasan is beachdan a thuigsinn. Bidh an t-suirbhidh a’ fiosrachadh agus a’ cumadh mar a bhios sinn ag obrachadh a’ dol air adhart. Bidh an t-suirbhidh a’ ruith airson 3 mìosan, agus an dèidh sin thèid na toraidhean a mhion-sgrùdadh agus fhoillseachadh. Bidh ùine a dhìth an dèidh an latha dheireannaich airson nan toraidhean a mhion-sgrùdadh mus gabh iad am foillseachadh.