Co-chomhairleachadh Plana Gàidhlig 2023-2026

Closed 19 Apr 2023

Opened 8 Mar 2023

Overview

Foir-shealladh

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (ÀEA) a’ sireadh ur beachdan air ar dreach Plana Gàidhlig 2023-2026 (faic an sgrìobhainn aig bonn an duilleag seo). Tha an co-chomhairleachadh seo cuideachd anns a' Bheurla

Tha am plana a mìneachadh mar a tha sinn an dùil cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig a mheudachadh tro obair ÀEA agus iadsan leis a bheil sinn ag obair ann an com-pàirteachas agus a’ toirt taic. 

Mar bhuidheann poblach tha e mar dhleastanas oirnn fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 Plana Gàidhlig ullachadh agus fhoillseachadh.

Why your views matter

Carson a tha ur beachdan cudromach

Mar a’ phrìomh bhuidheann poblach às leth àrainneachd eachdraidheil Alba, tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ coileanadh nas urrainn dhuinn gus àite cudromach is luachmhor a tha aig Gàidhlig aithneachadh agus comharrachadh taobh a-staigh àrainneachd eachdraidheil Alba. 

Seo cothrom ur n-eòlas, beachdan agus fiosrachadh a thoirt seachad gus cuideachadh le leasachadh an ath Plana Gàidhlig againn agus na gnìomhan teachdail a chuidicheas le bhith a dìon agus ag adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

Faodaidh sibh ur beachdan a thoirt seachad le bhith a’ lìonadh a’ cho-chomhairleachadh ghoirid air-loidhne a tha ceangailte gu h-ìosal. Tha liosta de na ceistean airson neach fa leth is buidhnean aig bonn na duilleag. 

What happens next

Dè an ath cheum

Foillsichidh sinn geàrr-iomradh de thoraidhean a’ cho-chomhairleachaidh seo nar Plana Gàidhlig 2023-2026.