Suirbhidh Ghoireasan Ionnsachaidh Gàidhlig

Overview

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba (Historic Environment Scotland) a’ sireadh bheachdan mu na seòrsa ghoireasan a tha, agus a bhiodh, feumail airson sgoiltean agus foghlam Gàidhlig.

Lìon an t-suirbhidh gus ar cuideachadh le bhith a’ cruthachadh agus a’ leasachadh ghoireasan ionnsachaidh co-cheangailte ri cultar, dualchas is eachdraidh, a tha iomchaidh agus freagarrach airson foghlam Gàidhlig.

Tha sinn a’ sireadh aon fhreagairt bho gach sgoil le freagairtean mun churraicealam gu h-iomlan, seach clasaichean no ìrean sgoile fa leth. Gu h-àraidh, tha ùidh againn anns na cuspairean a thèid a theagasg fo Fhoghlam Farsaing Coitcheann (FFC).

Gheibhear PDF le foir-shealladh de cheistean na suirbhidh gu h-ìosal.

A bharrachd air an t-suirbhidh seo, thèid sgrùdadh is liosta a dhèanamh de na goireasan a tha ri fhaighinn mu thràth. Bidh fiosrachadh a thèid a thional bhon t-suirbhidh seo an uairsin air a chleachdadh le HES agus buidhnean iomchaidh eile, le taic bho thidsearan, gus plana airson goireasan ùra a chruthachadh.

Tha an t-suirbhidh seo ri faighinn sa Bheurla. 

Closes 15 May 2026

Opened 5 Mar 2026