Co-chomhairleachadh Thursachan Chalanais – Leasachadh bhuannachdan Coimhearsnachd, Eaconamach agus Glèidhteachais

Closes 31 Oct 2024

Mud Dheidhinn

Tha ar poileasaidh is aithris prìobhaideachd a’ mìneachadh do chòraichean agus ar dleastanas ann an dìon an fhiosrachaidh a tha thu a’ roinn leinn. Feuch gun dearbh thu gu bheil thu air a’ phoileasaidh agus an aithris phrìobhaideachd a leughadh, agus a’ toirt cead don dàta a thug thu dhuinn a bhith air a chleachdadh mar a tha mìnichte:

Aithris Phrìobhaideachd

Poileasaidh Prìobhaideachd do Citizen Space

Aithris Phrìobhaideachd a thaobh Co-chomhairleachadh Coimhearsnachd Chalanais

Tapadh leat airson pàirt a ghabhail ann an co-chomhairleachadh coimhearsnachd Chalanais.

Airson fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn mar a tha sinn a’ giullachd do dhàta pearsanta, faic ar Poileasaidh Prìobhaideachd do Citizen Space. A thaobh mionaideachd giullachd dàta don phròiseact seo, thoir sùil air na paragrafan mu dheidhinn Dàta Pearsanta air Iarrtas agus Stòradh Dàta Pearsanta, gu h-ìosal.  

Dàta Pearsanta air Iarrtas

Sa cho-chomhairleachadh seo, tha sinn dèanamh iarraidh roghainneach airson dàta pearsanta. Tha seo a’ gabhail a-steach d’ ainm agus do sheòladh puist-d nam bu mhath leat conaltradh rinn mar phàirt de ar gnìomhachdan co-chomhairleachaidh leantainneach. A thuilleadh air sin, tha sinn a’ dèanamh iarrtasan roghainneach airson do chòd-puist agus ainm a’ ghnothachais no a’ bhuidhinn agad. Ceadaichidh iad sin dhuinn d’ iarrtas a chur ann an co-theacsa agus mar a thèid beachdachadh air do fhreagairt sa mhion-sgrùdadh againn.

Stòradh dàta pearsanta

Gleidhidh HES an dàta pearsanta a bhios air a thional tron cho-chomhairleachadh seo gun a bhith nas fhaide na a’ bhliadhna làithreach agus còig bliadhna eile. Thèid am fiosrachadh a bhios air a thional tron t-suirbhidh seo a dhubhadh às bho fhrithealaichean Citizen Space an dèidh don t-suirbhidh dùnadh, ach dh’fhaodadh gum fuirich e air frithealaichean taic suas ri 12 mìosan.

Tha a’ chòir agad air inntrigeadh gu do dhàta, lethbhreac dheth fhaotainn, ceartachaidhean iarraidh no an dàta a thoirt air falbh agus cur an aghaidh a ghiullachd. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu do chòraichean a thaobh an dàta pearsanta a bhios sinn a’ tional bhuat, ann an Fhios Prìobhaideachd HES a lorgar an seo https://www.historicenvironment.scot/privacy-notice. 

(Required)
Dè an t-ainm a th’ oirbh? Dè an seòladh puist-d agad?
Còd-puist:
A bheil thu a’ freagairt mar neach fa leth no às leth buidheann, gnothachas no buidheann coimhearsnachd?
(Required)
Bu mhath le Àrainneachd Eachdraidheil Alba do chead airson do fhreagairt don cho-chomhairleachadh fhoillseachadh. Seall dè an dòigh foillseachaidh as fheàrr leat:
(Required)

Fiosrachadh do bhuidhnean a-mhàin:  

Tha an roghainn 'Foillsich am freagairt a-mhàin (às aonais ainm)' a’ toirt iomradh air d’ ainm a-mhàin, chan ann air ainm a’ bhuidhinn agad. Ma thèid an roghainn seo a thaghadh, bidh ainm a’ bhuidhinn fhathast ga fhoillseachadh.

Ma thaghas tu an roghainn ‘Na foillsich am freagairt’, dh’fhaodadh gum bi ainm a’ bhuidhinn fhathast air a liostadh mar a bhith air freagairt don cho-chomhairleachadh anns an, mar eisimpleir, an aithisg mion-sgrùdaidh.