Poileasaidh Prìobhaideachd do Citizen Space
Aithris Phrìobhaideachd a thaobh Co-chomhairleachadh Coimhearsnachd Chalanais
Tapadh leat airson pàirt a ghabhail ann an co-chomhairleachadh coimhearsnachd Chalanais.
Airson fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn mar a tha sinn a’ giullachd do dhàta pearsanta, faic ar Poileasaidh Prìobhaideachd do Citizen Space. A thaobh mionaideachd giullachd dàta don phròiseact seo, thoir sùil air na paragrafan mu dheidhinn Dàta Pearsanta air Iarrtas agus Stòradh Dàta Pearsanta, gu h-ìosal.
Dàta Pearsanta air Iarrtas
Sa cho-chomhairleachadh seo, tha sinn dèanamh iarraidh roghainneach airson dàta pearsanta. Tha seo a’ gabhail a-steach d’ ainm agus do sheòladh puist-d nam bu mhath leat conaltradh rinn mar phàirt de ar gnìomhachdan co-chomhairleachaidh leantainneach. A thuilleadh air sin, tha sinn a’ dèanamh iarrtasan roghainneach airson do chòd-puist agus ainm a’ ghnothachais no a’ bhuidhinn agad. Ceadaichidh iad sin dhuinn d’ iarrtas a chur ann an co-theacsa agus mar a thèid beachdachadh air do fhreagairt sa mhion-sgrùdadh againn.
Stòradh dàta pearsanta
Gleidhidh HES an dàta pearsanta a bhios air a thional tron cho-chomhairleachadh seo gun a bhith nas fhaide na a’ bhliadhna làithreach agus còig bliadhna eile. Thèid am fiosrachadh a bhios air a thional tron t-suirbhidh seo a dhubhadh às bho fhrithealaichean Citizen Space an dèidh don t-suirbhidh dùnadh, ach dh’fhaodadh gum fuirich e air frithealaichean taic suas ri 12 mìosan.
Tha a’ chòir agad air inntrigeadh gu do dhàta, lethbhreac dheth fhaotainn, ceartachaidhean iarraidh no an dàta a thoirt air falbh agus cur an aghaidh a ghiullachd. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu do chòraichean a thaobh an dàta pearsanta a bhios sinn a’ tional bhuat, ann an Fhios Prìobhaideachd HES a lorgar an seo https://www.historicenvironment.scot/privacy-notice.